Fàilte gu My Opera Mail
Fàilte ort!
Fàilte gu My Opera Mail. Tha sinn a' toirt dòigh thèarainte, èifeachdach is fhurasta dhut am post-d agad a dhèanamh cha mhòr air inneal sam bith; ge b' ann air PC a tha thu a' seòladh an lìn no air an fhòn-làimhe agad le Opera Mini. Cha leig thu leas a tadhal air https://mail.opera.com/. 'S urrainn dhut na cunntasan puist eile a tha agad a cheangal ris ann agus gach teachdaireachd agad a leughadh san aon àite. Cuir a-steach na seòlaidhean 's na faclan faire agad ann an roghainnean a' chunntais agus feuchaidh sinne ris a' chorr a lìonadh.
Mas fhearr leat cliant puist fa leth, leithid an fhir a tha am broinn Opera, 's urrainn dhut ceangal ris leis na roghainnean a leanas:
'S urrainn dhut d' ainm is facal-faire Opera a chleachdadh cuideachd gus na comharran-lìn agad, is mòran a bharrachd, a shioncronachadh eadar na brabhsairean Opera agus Opera Mini agus a chum bloga a chruthachadh no dealbhan a cho-roinneadh air http://my.opera.com/.
Gu robh math agad airson an t-seirbheis againn a chleachdadh,
Sgioba Puist My Opera
http://my.opera.com/mailteam/